Highland Folk Museum - An attraction for all ages
Am Baile - An Tuathanas - Taigh-tasgaidh A-muigh: Togalaichean - Àrainneachd & Cumadh-tìre - Mapa
Bail’ Ùr an t-Slèibh

Aultlarie Farm

'S e tuathanachas Allt Làirigh (leis an taigh-tuathanais) a chaidh a thogail tràth anns na 1800an, agus e air a thaisbeanadh mar a bhiodh e anns na 1930an, an togalach as motha a th' air làrach Highland Folk Museum nach b' fheuadar a bhith air a ghluasad. Tha dealbhadh traidiseanta air coltach ri iomadh tuath beag eile le stàball airson trì eich, bàthchannan cruidh, sabhal agus taigh-bainne.

'S e "Allt Làirigh" an t-ainm a bh' air an tuathanachas agus air an allt a tha na chois bho thùs. Bho mheadhan nan 1800an, b' e Pòl Grannd a bha a' cleachdadh an fhearainn ged a b' ann le Oighreachd Baile a' Bhile a bha an talamh. Bha Pòl Grannd gu mòr an sàs ann an Comann Thuathanach Bhàideanach agus Ràta Mhurchais. Lean teaghlach Ghrannd orra ag obrachadh an fhearainn gu meadhan nan 1900an agus an dèidh an Dàrna Cogaidh, chaidh an tuath a ghabhail os làimh le Raibeart Kirk gus an deach an talamh a cheannach airson an taigh-tasgaidh ann an 1987.

Am measg nan rudan eile a dh'fhaodar fhaicinn air, no faisg air, an tuathanachas tha pòran, crodh, innealan, taigh, stad-rèile, garaids agus 'Oifis Puist Ghleann Liobhait'.

.

Boy with Calf

Harveting at Newtonmore Highland Folk Museum