| Home | Highland Museums | Kingussie | Newtonmore | Activities | Shop | News | History | Resources | Contact | Gallery | Links |
| The Township - Aultlarie Farm - Open Air Museum: Buildings - Environment & the Landscape - Site Map - - Newtonmore Image Gallery - Museum's Animal Friends |
|
|
Environment & the Landscape Tha làrach an taigh-tasgaidh a’ toirt àrainneachd shàbhailte do luchd-turais gus blasad fhaighinn de chultar na Gàidhealtachd agus de Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha a’ ghiùthsach, coille a chaidh a chur aig toiseach nan 1900an air raon- goilf bhoireannach a bha glè chnocach, a’ dèanamh dachaigh do dh’iomadh seòrsa eòin agus beathaich, nam measg sin lusan sreap agus feòragan ruadh. Airson 2006, thathar air tòiseachadh air pròiseact eile gus na feòragan ruadh a bhrosnachadh agus gus an cuideachadh a’ maireachdainn. Tha an Tuath a’ toirt fiosrachadh do dhaoine mu chleachdaidhean tuathanachais bho na 1900an a bharrachd air fiosrachadh air mar a bhathar a’ coimhead às dèidh na talmhainn, lusan agus beathaichean. Tha earrannan mòra talmhainn air am fàgail aig crìochan nam pàirceanan gus lusan agus ainmhidhean na sgìre a bhrosnachadh. Bidh earrannan eile dhen taigh-tasgaidh, aig àm iomchaidh na bhliadhna, a’ sealltainn iomadach seòrsa lus fiadhaich. Tha àiteachan eile air an cur air leth airson chraobhan leithid Craobhan Giuthais Albannach a bhrosnachadh. Chan eil a h-uile pìos de làrach an taigh-tasgaidh nàdarra idir oir tha gàrraidhean aig an taigh-tuathanais agus aig an sgoil agus tha coilltean beithe agus craobhan eile ann cuideachd. Thathar a’ leasachadh nan gàrraidhean gus dearbhadh dè dh’fhaodadh a bhith air fhàs, chan ann a-mhàin ann an dòigh thraidiseanta ach cuideachd aig an taigh. |
|