| Home | Highland Museums | Kingussie | Newtonmore | Activities | Shop | News | History | Resources | Contact | Gallery | Links |
| The Township - Aultlarie Farm - Open Air Museum: Buildings - Environment & the Landscape - Site Map - - Newtonmore Image Gallery - Museum's Animal Friends |
|
| The Newtonmore Museum
Tha mìle agus ceithir fichead acaire (32 heactair) de dh’eachdraidh beò ann a’ Highland Folk Museum Bhail’ Ùr an t-Slèibh. Chaidh an làrach a cheannach anns na 1980an ach cha do dh’fhosgail e gu 1995, agus bhon uair sin tha e air a bhith air a leasachadh agus air a dhèanamh nas fheàrr. Chithear Beanntan a’ Mhonaidh Ruaidh bhon làraich seo agus tha iomadh seòrsa talmhainn anns an sgìre seo leithid talamh tuathanachais; coilltean agus talamh fosgailte. Tha na sgìrean sin air an riochdachadh le togalaichean agus feartan-tìre a th’ air a bhith air an gluasad no air an ath-thogail, taisbeanaidhean obrach agus daoine a’ mìneachadh na h-eachdraidh. Tha an làrach a’ sealltainn cò ris a bha beatha coltach ann an sgìrean dùthchail air a’ Ghàidhealtachd fad 200 bliadhna bho thoiseach nan 1700an gu meadhan nan 1900an A bharrachd air mìneachadh agus prògraman ghnìomhan faodaidh luchd-tadhail ro-ràdh eileagtronaigeach fhaicinn, goireasan cafaidh a chleachdadh, taighean-beaga, làrach-cluiche chloinne, bùth, làraich chuirmean-cnuic a fhrithealadh agus faodaidh iad siubhal ann an carbadan eachdraidheil.
|
|
|
|