| Home | Highland Museums | Kingussie | Newtonmore | Activities | Shop | News | History | Resources | Contact | Gallery | Links |
| The Township - Aultlarie Farm - Open Air Museum: Buildings - Environment & the Landscape - Site Map - - Newtonmore Image Gallery - Museum's Animal Friends |
|
|
The Township Tha “am baile” againne air a bheil “Baile Gean” na choimhearsnachd dùthchail a tha stèidhichte air tuineachadh Baile Ràta ann am Bàideanach, a bha beagan na bu mhotha na am baile againne, agus a tha shuas gu h-àrd air taobh na beinne ann an Srath Spè os cionn baile beag, Baile a’ Chait. Tha ath-thogail a’ bhaile seo, a tha bho na 1700an, air a stèidheachadh air sgrùdadh arc-eòlaichean, rannsachadh air an làraich agus air clàran agus deuchainnean prataigeach. Bha Baile Ràta, am prìomh bhaile mus deach Cinn a’ Ghiùthsaich, “baile dealbhte”, a stèidheachadh anns na 1790an, air slighe nan each dròbhaidh agus slighe nan dròbhairean a bha a’ dol thairis air Abhainn Spè gu baile co-ionann ri Ruadhainn a bh’ air taobh a deas na h-aibhne. Ged a tha fianais ann gun robh daoine ro-eachdraidheil an seo, thathar an dùil gur ann bho na meadhan-linntean suas gu toiseach nan 1800an a tha na làraich dhen bhaile a tha air am fàgail fhathast. Tha rannsachaidhean dhen làraich aig Baile Ràta air an 30 prìomh structair a thoirt am follais. Nam measg sin tha taighean-còmhnaidh le, agus às aonaisn “bàthchannan” (stàile cruidh), sabhail,“àbhainnean sabhail” gus an t-eòrna a thioramachadh, crò airson crodh a bhithte a’ toirt gu deas a chumail tèarainte air an oidhche agus “prìomh bhalla-cloiche”, balla le ìrean de bhàrr-talmhainn agus clachan a bha a’ comharrachadh crìochan a’ bhaile. Tha sinn air cuid de làraich, nam measg sin clachan-stèidh, dorais, clachan frìth-rathaidean, claisean bàthcha agus teinntean taighe, o Bhaile Ràta a chleachdadh gus fiosrachadh a lorg airson nan togalaichean ath-chruthaichte. Far a bheil sinn air structair ath-chruthachadh, bidh e dìleas dhan fhiosrachadh arc-eòlach a bharrachd air far a bheil e stèidhichte ann an dealbhadh a’ bhaile gu lèir oir tha sin na dhealbh-sgàthain dhen bhaile gus an gabh am baile a chruthachadh air làrach an taigh-tasgaidh. |
|